Soundtracks: A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z #

List of artists: A B C D E F G H I J K L M N O P Q R S T U V W X Y Z #


Cearcall A' Chuain


Runrig Lyrics

 

Cearcall A' Chuain Lyrics

Cearcall A' Chuain by Runrig


Tha sinn uile air cuan
Stiùireadh cuairt troimh ar beatha
A' seòladh geòla dhorch
Air chall an grèI'm na mara
Tha a' ghaoth air ar cùl
Tha a' gheòl a' cumail roimhe
'S cha dèan uair no an cuan
Toinisg dhuinn no rian
A' mhuir tha I ciùin
Tha I fiadhaich tha I farsainn
Tha I àlainn tha I dìomhair
Tha I gamhlasach is domhainn
Ò ach sin, tha sinn dall
'S chan eil againn ach beatha
Tog an seòl, tog an ràmh
Gus an fhaigh sinn astar ann

Ach tha mi 'n dùil, tha mi 'n dùil
Nuair a bhios a' ghrian dol fodha
Chì iad mi a' stiùireadh 'n iar
Null a dh'Uibhist air a' chearcall
Cearcall a' chuain
Gu bràth bidh I a' tionndadh
Leam gu machair geal an iar
Far an do thoisich an là



A-Z Lyrics Universe

Lyrics / song texts are property and copyright of their owners and provided for educational purposes.